Tigh an Ùird
Catrìona NicNeacail (Rena MacLelland)
Fiosrachadh
Chaidh an t-òran seo a sgrìobhadh anns na 1970an nuair a bha Tigh an Ùird falamh is ann an staid thruagh. Tha Deirdre, nighean Rena, air ceòl a chur ris a’ bhàrdachd.
Faclan
Sèist: Hobha hobhan thig an latha
A bhios an t-àite mar a bha
Gum bi taigh mòr na àite beòthail
Le mire ’s le coibhneas là gu là.
Mar a dhìrich mi am bruthach
Ceum os cionn abhainn an Ùird
Thuit mo shùil air sealladh dubhach
Seann taigh mòr Dòmhnallach an Ùird.
Tha e nise fuar is falamh
Tigh bha uair cho pailt ’s cho blàth
Chan eil coir’ air muin an teine
No bean an tighe aig ceann a’ bhùird.
Bha uair a ruigeadh cù is cìobair
Còigreach is lighiche ’s tuachd rom mìor
Gheibheadh iad gu leòr ri itheadh
Gruth is ìm is rèiteachd mhòr.
Ma thèid thu an-diugh gu uchd an taighe
Chan fhaigh thu biadh no tlachd no còmhradh
’S e gheibh thu fuarachd fuachd is sàmhchair
Is oiteag mhulaid bho gach làr.
Cò bhean dhìreach letheach aosda
Chaidh suas an ceum gu tigh an Ùird
Thuit a sùil air seòmar sònraichte
Seòmar òir-bhuidhe, seòmar a trì.
Ghabh i ceum air ais ’s air adhart
A’ sìor-choimhead suas le strì
Dè bha na cuimhne no air a h-inntinn
’S mo bharail fhìn gu robh e dlùth ri crìdh’.
’S e mo dhùrachd an ath uair a thig mi
Gum bi gnothaichean mar a b’ àbhaist
Gum bi taigh mòr an àite subhach
Mar a bha e ’s mi na mo phàist’.