Sabhal Iain ‘ic Ùisdein
Fiosrachadh
Dh’innis nàbaidh dhomh gur ann an Tòcabhaig a bha sabhal Iain ’ic Ùisdein. ’S ma dh’fhaodte gur e Iain MacDhòmhnaill (c.1826-1908) à Tòcabhaig a bh’ ann an Iain – mac Ùisdein MhicDhòmhnaill (c1805-1881) a rugadh ann an Gleann Eilg agus Ciorstaidh Chamshron (c.1806-1861) à Tòcabhaig.
Faclan
’S a ri dail à huraibh à,
B’ aighearach an-uiridh mi
’S a ri dail à huraibh à,
Sabhal lain ’ic Ùisdein. (x2)
Nar a thòisich ruidhle nam pòg
Siud far an robh ’n cridhealas,
Chluinnte farum nam bròg
Ann am Buaile ’n Tiombain. (x2)
’S a ri dail à huraibh à…
Pòg do Chalum an Rubha
Pòg dhan a h-uile fear,
Pòg do Chalum an Rubha
’S do fhear Rubha an Dùnain. (x2)
’S a ri dail à huraibh à…
Ciorstaidh Annagan, ceann gun chèill
Cha robh feum air bruidhinn oirre,
Bha i mar an dealan-dè
A’ leumraich air an ùrlar. (x2)
’S a ri dail à huraibh à…