Skip to content
Menu

Fàilte an t-Samhraidh

Ùghdar
Iain Màrtainn
Fiosrachadh

Cluinnear Còisir Bun-sgoil Shlèite a’ seinn ‘Fàilte an t-Samhraidh aig Mòd Loch Aillse an seo.

’S ann san iris Ghàidhlig, ‘Guth na Bliadhna’, a chaidh an dàn seo a lorg. Bha beachd ann gur ann à ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich a bha an Iain Màrtainn seo ach tha sinn an ìre mhath cinnteach gur h-e Iain Màrtainn à Camas Chros ùghdar an dàin.

B’ e mac a’ mhiseanaraidh, Iain Mhàrtainn eile, a bh’ ann an Iain Màrtainn – athair Dolly Grant – agus rugadh is thogadh e aig 23 Camas Chros. Bha e na phoileasman ann an Glaschu on a bha e mu 20 bliadhna a dh’aois agus thill e a Shlèite an dèidh a dhreuchd a leigeil dheth. Bha e an sàs ann an Comunn Eilean a’ Cheò ann an Glaschu agus air a chuid bàrdachd fhoillseachadh ann an irisean Gàidhlig an linn sin.

Tha clach-chinn mhòr ghrinn aig an teaghlach anns a’ chladh sa Chill Mhòir agus na leanas sgrìobhte oirre: ‘In loving memory of my beloved husband IAN MARTIN Bard of Camuscross’

Lorg sinn an dàn seo is e sgrìobhte mar phìos bàrdachd na b’ fhaide le sia rannan de dh’ochd loidhnichean. Rinn sinn an dreachd seo dheth airson sgoilearan Bun-sgoil Shlèite a bha gu bhith a’ seinn aig cèilidh airson Climavore is Atlas Arts aig Sabhal Mòr Ostaig sa Mhàrt 2025. Chaidh a’ chiad rann a ghearradh ann an dà leth airson sèist a dhèanamh dheth is chaidh ceathramhan eile a bha a’ buntainn do nàdar is an cladach a thaghadh às na rannan eile. Cha robh fios againn an robh fonn air an dàn a-riamh. Tha am fonn ùr stèidhichte air fonn an òrain Èireannaich, ‘Cill Aodáin’ a bha a’ dol gu math le structar agus spiorad ‘Fàilte an t-Samhraidh’.

Faclan

Sèist: Ceud fàilte don t-samhradh, tha dlùthachadh teann oirnn
Tha blàths anns gach gleann far an campaich a’ ghlòir.
’S nuair dh’fhalbhas an Dùbhlachd ’s a thig samhradh nam flùran,
B’ e mo mhiann is mo dhùrachd, bhith ’n dùthaich a’ cheò.

Tha gàir nan tonn uaine air sìoladh bhon nuallaich
Tha sìth air gach cuain ’s dh’fhalbh gruaim far nan speur.
Tha carraig nan stuadh air a bunait sa chrualaich,
Le duileasg is gruagain fon t-sluagh airson feum.

Fo h-iomall tha iongnadh de iomadach maorach,
Le giomach nan caol-chas, cha bu chaomh leam a bheum.
Gach deiseag is crùbag sna faichean gan cùbadh
Tha ’n samhradh toirt iùil dhaoibh ged ’s lùbach an ceum.

Tha frìthean fo chòmhdach le biolair is lògair
Tha canach nan lèintean cho òg-gheal fom bréid.
Tha eunlaith na mòintich air mheanganan òga
’S an uiseag ’s an smeòrach len còmhradh air géig.

Tha’n coileach le dhùrdan an coille nan smùdan
Tha chuthag ’s gu-gùg aic’ cur sunnd oirnn gu lèir.
Tha’n eilid ’s an ruadh-bhoc ag ionaltradh uallach,
Crodh-laoigh anns a’ bhuailidh, ’s ni’n ghuanach ’nan dèidh.

Tha sinn fada an comain ar luchd-maoineachaidh is ar luchd-taic:

© Sabhal Mòr Ostaig 2026