Skip to content
Menu

Òran Molaidh don t-Saighdear Ghàidhealach

Ùghdar
Iain MacLeòid, Geamair an Torra Mhòir
Fiosrachadh

Faclan

Seinnibh cliù nam fear ùr,
Gillean glùin-gheal nam breacan;
B’ e mo rùn bhith nan cùirt,
’S miann mo shùl bhith gam faicinn.

Seinnibh cliù an Tìr a’ Cheò
Do na seòid nach robh gealtach,
Chaidh a-null do Neuve Chapelle ;
’S cuid cha till dhiubh gu ‘n dachaidh.

’S lìonmhor màthair tha fo leòn,
Agus òigh tha gun leannan,
Leis a’ bhatal thug na seòid
Far na dhòirt an cuid fala.

’S truagh nach robh mi leibh san Fhraing,
’S ann am Flànras car tamaill,
Chithinn sin mu ‘m faighinn bàs
Gnìomh nan àrmann ‘s nan gaisgeach.

Chithinn sealladh ann lem shùil
A bhiodh cliùiteach ri aithris ;
’S dh’ innsinn ann an cainnt nam bàrd.
Gnìomh nan sàr a’ dìon nam bratach.

Dh’ innsinn dhuibh mar chaidh an leòn.
Mar a dhòirt iad an cuid fala,
’S mar a dh’ fhulaing iad am bàs
Dìon na dh’ fhàg iad aig baile.

Seinnibh cliù do n’ dh’fhalbh à Slèite,
Gillean treun nach robh meata,
Chaidh a dhìon ar cliù ‘s ar tìr,
Bhon a’ mhilltear gun cheartas.

Seinnibh cliù do n’ dh’fhàg Port-rìgh
Fon cuid phìoban is bhreacan;
Fèile beag os cionn an glùn,
Èideadh sunndach nan gaisgeach.

Biodh ur cliù ga sheinn gu bràth,
Fhad ‘s bhios tonn is tràigh air cladach;
Fhad ‘s bhios grian air àird nan speur
Biodh cuimhn’ le spèis air euchd nan gaisgeach.

Tha sinn fada an comain ar luchd-maoineachaidh is ar luchd-taic:

© Sabhal Mòr Ostaig 2026