Duan a’ Mhorair Dhòmhnullaich
Aonghas MacillEathain, An t-Eilean Sgitheanach
Fiosrachadh
Tha Dòmhnall MacillEathain (Dòmhnall Sheonaidh Bhàin) à Griomasaigh ag aithris an duain an seo air Tobar an Dualchais agus a’ mìneachadh mar a chaidh a shinnsear, Aonghas MacillEathain às an Eilean Sgitheanach fhastadh leis a’ Mhorar Dhòmhnallach airson an duan a sgrìobhadh.
Faclan
’S ann an-diugh a chunnaic mise ’n t-iongnadh an Slèibhte,
Chan eil mi an dèidh mo shaothrach a’ tighinn ga leughadh,
Aitreabh a thogadh le daoine, ’s bu mhòr a h-èirig,
Innsidh mise cuid de h-iongnadh – ’s dèanamh èisdeachd.
’S ann an Armadal an Slèibhte thogadh an aitreabh,
Don Mhorair Dhòmhnullach, le mòr ghliocas,
Bha barrachd dh’òr is de dh’airgiod mu cuid ursann,
Na b’ fhiach ìmpire na Gearmailt ’s an Rìgh Turcach.
Nuair a sheas mi air an fhaire bha mum choinneamh,
Shaoil mi gum b’ e Eaglais Phòil a bh’ air tighinn à Lunnainn,
Ach nuair a theann mi a-staigh na bu daoine rithe ’s an latha soilleir,
Dh’aithnich mi nach b’ ionnan nàdur dha cuid uinneag.
Ghluais mi gu dorus a’ phalais air mo shocair,
’S bha daoine uaisle faisg air làimh a rinn dhomh fosgladh,
’S ged nach b’ àbhaist dhomh bhith gealtach air chùl mosgaid,
Theab mo cheann a dhol na bhreislich nuair a nochd mi.
A chionn is nach b’ e a leithid a chleachd mi as mo thoiseach,
Chunnaic mi duine, no dealbh na sheasamh dìreach,
Còmhdaicht’ ann am breacan meanbh de dhathan strialach,
’S mur a biodh gun robh e marbh bho chionn iomadh linn.
Chuireadh a choltas air falbh mi gun dad innseadh,
Ach sin nuair a leugh mi na litrichean meanbh bhith gu h-ìosal,
Thuig mi gum b’ e Somhairle ainm oir bha e ’g innseadh,
“Aona mhac a bha gun fhalbh aig Gille Brìde”.
A thug am fearann a mach le làimh dheirg do shinnsre,
Ghluais mi an sin os ceannamh m’ osan,
Far an robh na clachan luachmhor a bh’ air an lochdradh,
’S shaoilinn fhèin gum bithinn beartach ged bu bhochd mi.
Ged nach fhaighinn a bhith sa chaisteal ach nam dhorsair,
Bha Golia ainmeil anns a’ Bhìobull,
Bha Samson ainmeil chionnn ’s gun d’ mharbh e iomadh mìle,
Ach am fear dom buin an seanchas tha mise ’g innseadh
Dh’fhàg e onair ann an Alba a bhitheas mar chuimhn’ air,
Is cinnteach gum bu mhòr a neart na rachadh fhiachainn,
Bha dà thrian agus còrr na phearsa lìonta,
’S ma tha mo sheanchas-sa ceart, gun fhacal mì-thlachd.
Bheirinn m’ fhacal gu robh ochd cairteal air phailt leud ann,
Chunnaic mi iomadh aodann agus ìomhaigh,
Chunnaic mi iomadh rìoghachd mu do liath mi,
Chan innis mi gu ceann mo shaoghail an treas trian dheth,
Chunnaic mi bratach nan Dòmhnullach a’ srannraich,
’S bu lìonmhor aigealain òir a bh’ air gach ceann dhith,
Suaicheantas fola ga dortadh mar thuil geamhraidh
’S a’ chuid bu mhotha den Roinn Eòrpa fo ‘commanda’.
Chunnaic mi long is suaicheantas Alba am bàrr a’ chroinn aic’,
Is bradan meanbh-bhreac na fairge a’ gearradh sìnteig,
Chaidh sinn an sin a dh’òl san t-òsda faisg oirnn,
Deoch-slàinte Mhorair Dhòmhnullaich na sròl sathte,
’S gu ma fada fallain beò e na mhòr chaisteal
Uibhist agus Slèibhte agus Trotarnais fo smachd aig’.