Skip to content
Menu

An Còta Dearg

Ùghdar
Pàdraig Màrtainn
Fiosrachadh

Tha an t-òran seo cumanta air feadh nan eilean agus gu seachd àraid anns an Eilean Sgitheanach.

Tha e a’ nochdadh air Tobar an Dualchais fon tiotal ‘Gun Do Dh’fhalbh Mi Bho Mo Mhàthair Leis An Àrdan Nach D’ Rinn Feum Dhomh’ is Iain MacGilleBhràighe, Camas Chros, ga ghabhail. Chaidh an clàradh a dhèanamh le Calum MacIllEathain ann an 1952 ann an Drochaid Sguideil. https://www.tobarandualchais.co.uk/track/23250?l=gd

A rèir mac Iain, Niall MacGilleBhràighe: “The writer of the song An Còta Dearg was Peter Martin who was born c. 1775 in Sleat; he married first Mary MacLure c. 1810. Their daughter Marion Martin born 21 August 1823 in Drumfearn married Angus MacInnes on 18 January 1842 and died at 6 Camuscross, 16 December 1864.

Angus and Marion were the parents of my grandmother Ann MacInnes/MacGillivray. Peter Martin the author of the poem was my great-great- grandfather.  My father (born 1883 in Camuscross) Iain mac Neil ’ic Alasdair ’ic Neil ’ic Alasdair ’ic Gilleasbaig told me that our Martin ancestors were from the Martins of Bealach.”

Faclan

’S gun dh’fhalbh mi o mo mhàthair
Leis an àrdan nach d’rinn feum dhomh
’S gun d’thug mi greis air sràidimeachd
A-mach aig bràigh Dhùn Èideann.
Hir-ìl-ó gil-ór-an-ó.

’S gun d’ thug mi greis air sràidimeachd
A-mach aig bràigh Dhùn Èideann
Cò thachair orm ach saighdear
Is dh’fhoighnichd e mo sgeula.
Hir-ìl-ó gil-ór-an-ó.

Cò thachair orm ach saighdear
Is dh’fhoighnichd e mo sgeula
Is thubhairt e rium mi “leasdaigeadh”
Ach thug mi greis ga èisteachd.
Hir-ìl-ó gil-ór-an-ó.

Is thubhairt e rium mi “leasdaigeadh”
Ach thug mi greis ga èisteachd
Thubhairt e gabh an t-saighdearachd
’S i ciùird as fheàrr on ghrèin i.
Hir-ìl-ó gil-ór-an-ó.

Thubhairt e gabh an t-saighdearachd
’S i ciùird as fheàrr on ghrèin i
Gheibh thu òr is airgead
’S an còta dearg mar èideadh.
Hir-ìl-ó gil-ór-an-ó.

Gheibh thu òr is airgead
’S an còta dearg mar èideadh
Is chaidh sinn don taigh-òsta
’S gun dh’òl sinn thar a chèile.
Hir-ìl-ó gil-ór-an-ó.

Is chaidh sinn don taigh-òsta
’S gun dh’òl sinn thar a chèile.
Is gun chuir e air mo ghualainn
An còta ruadh mar èideadh.
Hir-ìl-ó gil-ór-an-ó.

Is chuir e air mo ghualainn
An còta ruadh mar èideadh
Is gun d’ thug e dhomh ri giùlain
An tè ghlas nach sguir i fhèin domh.
Hir-ìl-ó gil-ór-an-ó.

Is thug e dhomh ri giùlain
An tè ghlas nach sguir i fhèin domh
Ris an can iad Seònaid
Nighean Sheòrais, ’s beag mo spèis dhi.
Hir-ìl-ó gil-ór-an-ó.

Ris an can iad Seònaid
Nighean Sheòrais, ’s beag mo spèis dhi
’S gur truagh nach robh i paisgte (no glaiste)
Ann an caisteal dubh Dhùn Èideann.
Hir-ìl-ó gil-ór-an-ó.

’S gur truagh nach robh i paisgte
Ann an caisteal dubh Dhùn Èideann
’S gum bitheadh i greis a’ còmhnaidh ann
Mu feòraichinn a sgeula.
Hir-ìl-ó gil-ór-an-ó.

Tha sinn fada an comain ar luchd-maoineachaidh is ar luchd-taic:

© Sabhal Mòr Ostaig 2026