Skip to content
Menu

Òran Dhòmhnaill Nèill – Òran Mà

Ùghdar
Màiri NicFhionghain, 10 Camas Chros
Fiosrachadh

Faclan

Bheir mi o ‘s na ho ubh o
Bheir mi o ‘s na ho gheallaidh
Bheir mi o ‘s na ho rò eile
‘S e bhith rèidh riut bu mhath leam.

Sheol an ‘yacht’ à Loch Laorais
Muir na caoranan geala
Agus coltas mo ghaoil-sa
Cur a h-aodaich ri cranna

Bha thu sgiobalta bòidheach
Na do sheòladair-mara
Cha robh coire ann an Dòmhnall
Ach gun òladh e drama.

Nuair a reigheadh tu dhan taigh-òsta
Bhiodh na stòpan gan cur thairis
Ged bhiodh guinea na do phòcaid
Cha bhiodh grot ann sa mhadainn

Bheir mi o ‘s na ho ubh o
Bheir mi o ‘s na ho gheallaidh
Bheir mi o ‘s na ho rò eile
‘S e bhith rèidh riut bu mhath leam.

Tha sinn fada an comain ar luchd-maoineachaidh is ar luchd-taic:

© Sabhal Mòr Ostaig 2026