Skip to content
Menu

Caidil Ù Ò

Ùghdar
Calum MacAonghais, An Druim Fheàrna
Fiosrachadh

Rugadh Calum MacAonghais (‘Calum Mòr’ 1871-1951) anns an Druim Fheàrna ann an 1871. Leugh tuilleadh mu dheidhinn beatha is obair Chaluim an seo.

Cluinnear Christine Primrose a’ seinn ‘Caidil Ù Ò’ an seo:

Faclan

Caidil ù ò
Caidil ù ò
Caidil ù ò
’S trom an lòinneag bhàn.

Geal an Cuiltheann mòr
Geal an Cuiltheann mòr
Geal an Cuiltheann mòr
’S glan a chòta slàn.

Sàmhach ciùin an cuan
Sàmhach ciùin an cuan
Sàmhach ciùin an cuan
Chan eil fuaim air tràigh.

Grian a’ cromadh sìos
Grian a’ cromadh sìos
Grian a’ cromadh sìos
Anns an iar gu tàmh.

’N oidhche tuiteam luath
’N oidhche tuiteam luath
’N oidhche tuiteam luath
Thig am fuachd gu là.

Tha an smeòrach balbh
Tha an smeòrach balbh
Tha an smeòrach balbh
Tha i falbh fo phràmh.

Tha sinn fada an comain ar luchd-maoineachaidh is ar luchd-taic:

© Sabhal Mòr Ostaig 2026