Skip to content
Menu

A Mhic Ghoiridh Dhòmhnallach nan Eilean

Ùghdar
Iain MacLeòid, Geamair an Torra Mhòir
Fiosrachadh

Rugadh ‘Mac Ghoiridh Dhòmhnallach nan Eilean’ air 6 Màrt 1879 ann an Lunnainn, am mac bu shine a bha beò aig a’ Mhorair Dòmhnallach agus a bhean. Bha e pòsta aig Helen Bank agus bha dà mhac aca. Bha e air a bhith ann an Cogadh nam Boers còmhla ri na Scots Guards agus nuair a thòisich an Cogadh ann an 1914, chaidh a ghairm air ais dhan arm agus a chur a-null dhan Fhraing. Air 31 An Dàmhair bha na Scots Guards a’ dìon Chateau Gheluvelt agus chaidh an Dòmhnallach a leòn. Chaochail e air 2 An Dùbhlachd 1914. Chailleadh a chorp agus an-diugh chithear ainm air Carragh-cuimhne Menin Gate agus Carragh-cuimhne Shlèite.

Chaidh a bhràthair bu shine, Gilleasbaig, a mharbhadh ann an Afraga a Deas ann an 1901; chaidh Raghnall, a bhràthair a b’ òige, a mharbhadh san Fhraing ann an 1918 agus chaidh Hamish, aon de a mhic, a mharbhadh a’ sabaid ann an Afraga ann an 1942.

Faclan

Beannachd aig Ban-tighearna Shlèibhte
Bean uasal thug buaidh air gach tè
Bidh beannachd nan truaghan ad dhèidh
Oir dhèanadh tu fuasgladh nan feum.

Beannachd aig Ban-tighearn’ ’s feàrr cliù
Tha iochd agus coibhneas nad ghnùis
Tha maise gun fhoill ann ad shùil
Mar dheàlradh on ghrèin madainn dhriùchd.

Mar dheàlradh on ghrèin dol an Iar
Mar neul le chuid dhathan a’ triall
Tha sealladh den ghnùis a tha fial
Toirt saorsa de àmhghair nan ciad.

Bidh beannachd nam bochd ann ad chùirt
’S an ùrnaigh mar ola ro chubhr’
Dol romhad le moladh ’s le gràdh
Gu Àros Àrd-rìgh nan Dùl.

Chan ann le airgead no òr
Chuir thu orm an onair tha mòr
Ach le dealbh an uasail nach beò
Ceann cinnidh Chlann Dòmhnaill nan sròl.

Ceann cinnidh nan uasal à Slèibhte
Na gaisgich bha cruadalach, treun,
Ri nàmhaid cha d’ thug iad an cùl
’S iomadh blàr anns na choisinn iad cliù.

’S ann am blàr Ypres san Fhraing
Chaidh crìoch air an òg-fhear gun mheang
Gur duilich an naidheachd a fhuair mi
Do cholann bha uasal air chall.

O ’s duilich an naidheachd ri innseadh
Nach fhaic mi thu tuilleadh san tìr
Nach till thu gu brath gu do dhachaidh
An aitreabh tha falamh gad dhìth.

Bidh d’ aitreabh gun aighear gun spòrs
Gun uaislean nan suidhe mun bhòrd
Cha ghleusar ann feadan no pìob
Mac-talla cha fhreagair an ceòl.

A Mhic Ghoiridh Dhòmhnallach nan Eilean a chaidh a mharbhadh sa Chogadh

Dh’fhàg thu mulad air Eilean a’ Cheò
Na beanntan gad ghul fo na neòil
Tha eòin nan geugan ri tuireadh
Cha sheinn iad dhuinn subhach nas mò.

Tha gruaim is lionn-dubh air a’ bheinn
Doire nan geugan gun seinn
Torman nan alltan ri tuireadh
’S a’ caoidh a’ churaidh nach till.

Tha do mhàthair ro dhuilich ad dhèidh
’S a bhean òg a bha lurach leat fhèin
Dh’fhàg thu na banntrach ri cumha
’N fhir a b’ àlainne cumadh fon ghrèin.

Dh’fhàg thu sinn uile sa Cheò
Mar chaoraich gun bhuachaill nan còir
Mar long tighinn air tonn chun a’ chladaich
Gun stiùir, gun acair, gun sheòl.

Tha sinn fada an comain ar luchd-maoineachaidh is ar luchd-taic:

© Sabhal Mòr Ostaig 2026