Carson a dh’fhàg mi Tarscabhaig?
Bàrd Robasdanach, Tarscabhaig
Fiosrachadh
Le bàrd Robasdanach à Tarscabhaig fon ainm-pinn ‘Slèibhteach’.
Cha robh Mòrag Dhonnchaidh (NicDhòmhnaill) cinnteach cò rinn an t-òran. Bha i den bheachd gur e fear Robasdanach a bha a’ fuireach faisg air a’ chladach ris an canar ‘Am Poll’ a rinn e.
Cluinnear Dòmhnall Flett Dòmhnallach ga sheinn an seo:

Faclan
Nuair a dh’fhàg mi Tarscabhaig
‘S mi fhìn nam bhalach òg,
Gur beag bha leam de chùram
Dè ‘n taobh a stiùirinn romham;
Ach nis on laigh an aois orm
’S mi smaoineachadh gach là,
Carson a dh’fhàg mi Tarscabhaig,
Am baile san robh mi òg?
Far ‘m biodh clann-nighean fhìnealta
Bha sìobhalt sèamhaidh suairc,
Làn caoibhneis tlàiths is carantachd,
Gun àrdan is gun uaill,
Gur tric mi nis a’ smaoineachadh
Gach taobh dan dèan mi gluasad,
Carson a dh’fhàg mi Tarscabhaig,
Am baile san robh mi òg?
Sin far am bheil na h-òganaich
Nan còmhdach ‘s glaine snuaidh,
Iad aoibhinn sunndach aigeannach
Is tapaidh sgairteil cruaidh;
Bu mhath air raoin na h-iomaine
Gu cluich a chur gu luath,
Ro mhath air tùs ‘n àireamh iad
Gu nàmh a chur gu ruaig.
Ged tha mi fad air astar uaith
An Sasainn seo air chuairt,
Gur tric mi air a’ smaoineachadh
Ged is faoin e ri luaidh;
Ait’ aoibhinn sunndach aigeannach
‘S e tlachdmhor pailt gach uair,
Gur tric gheibh coigreach aoidheachd
Anns a’ bhaile ‘n robh mi òg.
Mo shoraidh do na cuairteagan
Na cluainean ‘s na glinn,
‘S an òg an robh mi buachailleachd
‘S ag uallachadh chrodh laoigh;
Am measg na h-òigridh curanta
Gun uireasbhaidh no dìth,
Bha gach nì bu mhath leò ac’
Sa bhaile ‘n robh mi òg.
Bha mise ‘n iomadh àite
On a dh’fhàg mi an taobh tuath;
San Fhraing, san Spàinn, san Eadailt,
San Afraga air chuairt;
Ach àit fon ghrèin chan fhaca mi
Cho taitneach ra luaidh
Ris an àite ‘n can iad Tarsgabhaig,
‘S e baile beag nam buadh.
Is nuair thig tìm a’ gheamhraidh oirnn
Cha b’ àm bu ghainne spòrs;
Bhiodh sinn gu tric air chèilidh
Ag èisteachd nigheanan òg;
Nuair a shuidheadh iad air chèilidh
Gum b’ aoibhinn leam an ceòl;
Bu bhinne bhith gan èisteachd
Nan teudan nan deich meòir.
Mo shoraidh uam do Tharscabhaig
Don dream dhiubh sin tha beò;
Bu tric bha mi nan cuideachd
Ri cleasachd air bheag ghò;
Tha cuid a-nis nan laighe dhiubh
Gu sàmhach sìos fon fhòd,
Is cuid eile fad air astar dhinn
On bhail’ san robh sinn òg.
Gur cuimhneach leam nuair dh’fhàg mi ‘n àit’
Mo mhàthair bhith fo bhròn,
Mo pheathraichean bhith dubhach chionn
Nach fuirichinn nan còir;
Tha cuid a-nis nan sìneadh ann
‘N ciste chaol fon fhòd,
Is dh’fhàg siud mise aonranach
‘S mo smaointean fo bhròn.
Mo shoraidh uam do Shlèibhte
Do gach sliabh th’ ann is tom
Far ‘n òg bha mise cluaineiseach
‘N àm buachailleachd nam bò;
On tha mi nis fàs fann is sean,
Is m’ anail call a treòir,
B’ e mo mhiann bhith ‘n Tarscabhaig,
Am baile san robh mi òg.