Skip to content
Menu

Duan Chulaig

Ùghdar
Calum Mòr MacAonghais
Fiosrachadh

Chaidh an duan seo airson Oidhche Chulaig no Oidhche Challainn a sgrìobhadh le Calum MacAonghais às an Druim Fheàrna. Anns an òran, tha gillean na Culaig a’ cur dùrachdan na Bliadhn’ Ùire dha muinntir an taighe is ag iarraidh air bean an taighe an riarachadh le aran is ìm is càise.

Faclan

Thàinig sinne seo a’ Chulaig

Dh’ionnsaigh tulaichean a’ chaoimhneis,

Giùlain dùrachd na Bliadhn’ Ùire –

Sibh bhith subhach, sunndach, aoibhneach:

Ma is math tha sibh an-dràsta,

Gu ma feàrr ur slàint’ ’s ur saoibhreas

Rè a h-uile latha chì sibh;

’S chan eil an sin ach na thoill sibh.

 

Tha bean-an-tigh’ air tigh’n a-nuas

A chluinnteil duan nan gillean-culaig;

Tha i ’g èisteachd cùl na còmhla,

’S bonnach còir aice air fhuinne.

Fosglar dorast farsuinn, fialaidh,

’S gheibh sinn riarachadh an urra –

Aran ’s luchd de dh’ìm ’s de chàis’ air

’Ghluaiseas càil mu ithe-chlugain.

 

Chan eil fad’ againn ri fuireach,

Is a h-uile taigh ri bhualadh:

Mharbh Caitriona Mhòr an coileach,

Is bu toigh leinn bhith mun cuairt da.

Tha marag-dhubh aig Seonaid Ùisdein,

’S bidh sinn bùrach innt’ gur cluasan;

’S ma bhios tart oirnn, air ar sàrach’,

Caisgidh Pàdruig e le uachdar.

Dùbailt bonnag! Fosgail seo!

Tha sinn fada an comain ar luchd-maoineachaidh is ar luchd-taic:

© Sabhal Mòr Ostaig 2026