Skip to content
Menu

Mo Chùlaibh

Ùghdar
Lachlann MacGillÌosa, Cruard
Fiosrachadh

Air a sheinn le D H MacFhionghain le cead Donnie MhicFhionghain.

Faclan

Mo Chùlaibh
Le Lachlann an Tàillear (Lachlan Gillies) à Cruard

Sèist: Mo chùlaibh, mo chùlaibh
Mo chùlaibh ris a’ bhaile seo
Mo chùlaibh ri mo chàirdean
On sheòl mi long nan crannachan.

Nuair thèid mi nunn a Chruard
Gun toir mi ruaig a Bharabhaig
A dh’amharc air a’ ghìobair
Bhios moch a’ dìreadh bhealaichean
Mo chùlaibh, mo chùlaibh…

Nuair rachainn don a’ mhòine
Gum bithinn deònach tachairt ort
Chan fhaigh mi greis dhed chòmhradh
Tha feur na Cnoic is cabhaig air.
Mo chùlaibh, mo chùlaibh…

Nuair bhios mi aig a’ chuibhle
Bidh smuaintean mòr air m’ aire-sa
Gun toir fear eile bhuam thu
’S gun toir thu fuath don mharaiche
Mo chùlaibh, mo chùlaibh…

A’ fàgail Eilean Iaramain
Dol seachad sìos cùl Bharabhaig
A’ cuimhneachadh air Slèite
’S a liuthad ceum a ghabh mi ann.
Mo chùlaibh mo chùlaibh…

’S ged nì e clàrc sa bhùth e
Cha dèan e long a stiùireadh
Cha trog e idir cùrsa
A sheòlas taobh an fhearainn i.
Mo chùlaibh mo chùlaibh…

Nuair bhios a’ ghaoth a’ sèideadh
’S an fhairg’ ag èirigh thairis oirnn
Gur tu bhios na mo smuaintean
Oir thug mi gaol nach fannaich dhut.
Mo chùlaibh, mo chùlaibh…

Tha sinn fada an comain ar luchd-maoineachaidh is ar luchd-taic:

© Sabhal Mòr Ostaig 2026