Skip to content
Menu

Òran Bàta Dhòmhnaill Iain Robasdan

Ùghdar
Dòmhnall MacNeacail
Fiosrachadh

Clàradh le D.H. MacFhionghain le cead Donnie MhicFhionghain.

Sgrìobh Dòmhnall MacNeacail, no Dòmhnall Iseabail mar a b’ fheàrr a dh’aithnichear, bàrdachd air iomadach cuspair, eadar gnothachan a’ bhaile agus daoine a’ siubhal chun na gealaich.

Chaidh an t-òran seo a sgrìobhadh dha Dòmhnall Robasdan, 24 Camas Chros. Chaidh am bàt’-iasgaich aige fhalachadh air Oidhche Shamhna agus chaidh an duan seo a sgrìobhadh s e a’ caoidh call a’ bhàta agus mar rabhadh dhaibhsan a bh’ air a cur am falach. Bha amharas ann gun robh Flòraidh leis an robh an taigh-òsta an sàs sa ghnothach. B’ e Bain am poileasman aig an àm.

Faclan

Och och mar a tha mi a’ caoidh mo bhàta,

A dh’fhalbh air sàile gun ràmh a-raoir

’S e Samhain bhrònach a tha seo dhomhsa

Bhon thug i bhòidse ‘s gun mi na broinn.

 

’S iomadh easgann-chaol is gabharnag

Biorach àlainn ’s mac-làmhaich grinn

Rinn thu gluasad fo ghrunn nan cuantan

Dh’fhàg siud o luaidh mi cho truagh, gad chaoidh.

 

Tha urras làidir agam an-dràsta

Cò leig am bàt’ agam ma sgaoil

Luchd an taigh-òst’ bha thu siud a Fhlòraidh

Nach tusa thòisich na do sheann aois.

 

Thuig mi do ghluasad am measg an t-sluaigh iad

Le do dhrathais uaine is tu gabhail òrain

Ach ‘drunken sailors’ cha dèan iad feum dhut

ls nuair thig Bain bidh mi leum le sòlas.

Tha sinn fada an comain ar luchd-maoineachaidh is ar luchd-taic:

© Sabhal Mòr Ostaig 2026