Skip to content
Menu

Òran Beinn Mhochaidh

Ùghdar

Fiosrachadh

Bhiodh Seonaidh Ivy Dòmhnallach à Duisdeil ag aithris Òran Beinn Mhochaidh. A rèir beul-aithris na sgìre, bha dà fhuamhaire ann, Mochaidh à Slèite agus MacFhraing à Heasta agus bha iad a’ sabaid air a’ mhonadh faisg air an Druim Fheàrna. Bhreab Mochaidh pìos dhen chreig far Beinn Mhochaidh is thuit e ann an Loch Eiseort far a bheil an t-eilean beag, an t-Eirisgeal, san latha an-diugh. ‘S e ‘eirisgeal’ am facal ionadail airson ‘tairisgeir’.

Faclan

Latha dhomh ’s mi fada bho m’ fhiadharan (*fiadhair = Lea land, green sward – Dwelly)
Gun eagal gun nì chuireadh fiamh orm
Cha do thachair dhòmhsa corc a bhith nam dhòrn
Claidheamh ri mo thòin no nì dhìona’ mi
Chunnaic mi caol cheò anns na ruadh alltan
Theann mi na chòir oir bha fuachd orm.

Mochaidh mòr nan casan fada
Bhrist e do chuid gheatachan
Bha fioram farum faic aige
Is glaic am beul a sgòrnain
’S e ’g èigheach “Fì fà fuamhaire
Tha corc den mheirge chruaidh agam
Tha geug as a’ chuaich agam
Is gu fuasglaidh i toil-inntinn.”

Chuir e creag as a h-ionad
À bruach a’ ghlinne
Le buille bheag bhiorach à bidein de adhrbann
Tha i nise na seasamh an cumhang Loch Eiseort
Air chùl eilean Heasta far a seas i gu dìlinn.
’S e ’n t-Eirisgeal is ainm dhi
’S gu sgoltadh i ’n fhairge
’S chuir Mochaidh air falbh i
Le chama chas dhen aonach.

Tha sinn fada an comain ar luchd-maoineachaidh is ar luchd-taic:

© Sabhal Mòr Ostaig 2026