Skip to content
Menu

‘S Muladach Mi An-diugh ‘s Mi Ag Èirigh

Ùghdar
Dai Beag Anderson, Caileagaraidh
Fiosrachadh

Òran èibhinn le Dai Beag mu dheidhinn ‘tarbh a’ Bhùird’ a chaidh ma sgaoil anns an Àird. Bha tòrr de dh’fhir na sgìre, sean agus òg, ga shealg air feadh an àite, gus an deach a leagail mu dheireadh thall. Cluinnear Dai ga ghabhail air làrach-lìn Thobar an Dualchais an seo.

Faclan

’S muladach mi ’n-diugh ’s mi ’g èirigh,
Tarbh a’ Bhùird a rinn mo lèireadh,
’S muladach mi ’n-diugh ’s mi ’g èirigh.

Dìreadh suas aig Druim na Sgàirde*
Air cur aghaidh air le gàir’ is
Bhrist an ròp a rinn am fàgail,
’S gun robh cànan ann bha èibhinn.
’S muladach mi ’n-diugh ’s mi ’g èirigh.

Cha robh crùbach ann no bacach,
Nach robh nis a-mach le bhata,
Iad a’ dèanamh mòran astar
Gus a dhol an taic na bèiste.
’S muladach mi ’n-diugh ’s mi ’g èirigh.

Thuirt Mac a’ Phearsain na bi gruaim oirbh,
Bheir mi fùdar dhuibh is luaidhe
Ach mur dèan sibh nis a bhualadh,
Bheir sibh suas dhaibh an Dùn Èideann?
’S muladach mi ’n-diugh ’s mi ’g èirigh.

Ged a chaidh iad air an glùinean,
Loisg iad airsan mòran fùdair;
Cha d’ chuir iad stad air casan eòlaich
’S ann a leònadh e ’s e geumnaich.
’S muladach mi ’n-diugh ’s mi ’g èirigh.

Ghabh e suas ri bealach Aruisg **
Mar gun robh e seo son tamall
Chaidh e sìos gu cùl na fàsaich,
Is crodh-dàir cha tug e gèill dhaibh.
’S muladach mi ’n-diugh ’s mi ’g èirigh.

Tha e nise gu fuar, reòite,
Leis a’ pheilear a thug stròic às,
’S cha bhi dìth oirnn airson bhrògan,
’S air an fheòil bidh mòran fèill air.
’S muladach mi ’n-diugh ’s mi ’g èirigh.

* Tha Druim na Sgàirde faisg air 5 is 6 An Àird.
** Tha Àruisg os cionn an rathaid dhan Rubha. Tha cladh agus làrach seann eaglais ann.

Tha sinn fada an comain ar luchd-maoineachaidh is ar luchd-taic:

© Sabhal Mòr Ostaig 2026