Skip to content
Menu

Thoir an t-Soraidh Bhuam

Ùghdar
Ailean MacDhòmhnaill, Tarscabhaig
Fiosrachadh

Chaidh Dòmhnall Flett MacDhòmhnaill a chlàradh le Sgoil Eòlais na h-Alba ann an 1977 is e a’ seinn Thoir an t-Soraidh Bhuam – òran a chaidh sgrìobhadh le bràthair athar, Ailean MacDhòmhnaill à Tarscabhaig. ‘S e òran gaoil is ionndrainn a th’ ann a sgrìobh e do chaileag às Na Gilean, ri taobh Ach na Cloiche, nuair a bha e sa Chabhlach Mharsanta anns na h-Innsean. Cha do phòs iad a-riamh.

Tha an clàradh ri fhaighinn air làrach-lìn Thobar an Dualchais.

 

Faclan

Thoir an t-soraidh bhuams’ a-nunn thar chuan do m’ eudail

Ma bheir fear eile bhuam thu gura truagh nad dhèidh mi

Thoir an t-soraidh bhuam a-nunn thar chuan do m’ eudail.

 

’S fhir a dh’imicheas thairis gu dùthaich nam beannaibh

Slàinte bhuams’ don chaileag a dh’fhàg mi ann a Slèite.

Thoir an t-soraidh bhuam a-nunn thar chuan do m’ eudail.

 

Gheall is rinn thu sgrìobhadh, ’s e thugam do na h-Innsean

’S nam biodh tu fèin cho dìleas, ’s e do chridhe nach trèiginn

Thoir an t-soraidh bhuam a-nunn thar chuan do m’ eudail.

 

’S mise tha gu cràiteach, galair air gach làmh dhiom

Cholera is plàighean toirt am bàs do cheudan

Thoir an t-soraidh bhuam a-nunn thar chuan do m’ eudail.

 

’S ged ’s math a bhith ga stiùireadh gu socrach air ar cùrsa

B’ annsa leam bhith sùgradh leat an doire dhlùth nan geugan

Thoir an t-soraidh bhuam a-nunn thar chuan gu m’ eudail.

 

D’fhalt bachlach dualach nuair chàradh tu an cuach e

Do mhala chaol gun ghruaim ’s do ghruaidh mar lasair chèir e.

Thoir an t-soraidh bhuam a-nunn thar chuan gu m’ eudail.

 

’S nuair bhios mi aig a’ chuibhle, toir gliocais às a’ chombaist

’S tu mo chairt stiùireadh na nì mi chùrs’ a leughadh

Thoir mo shoraidh bhuam-s’ a-nunn thar chuan gu m’ eudail.

Tha sinn fada an comain ar luchd-maoineachaidh is ar luchd-taic:

© Sabhal Mòr Ostaig 2026