Skip to content
Menu

Aoir do na Rodain aig Bodach an Ùird

Ùghdar
Niall Camshron
Fiosrachadh

B’ e Dòmhnall MacDhòmhnaill grèidhear no tuathanach an Ùird ann am meadhan an 18mh linn. Tha e coltach mun bhliadhna 1780 gun robh sgaoth radan nam plàigh san t-saghal aige. Dh’iarr e air Niall Camshron an aoir seo a dhèanamh, oir bha e coltach gun robh cumhachd no draoidheachd ann am faclan Nèill, airson ruaig a chur air na radain.

B’ e fear inntinneach a bh’ ann am ‘Bodach an Ùird’ mar a their cuid ri Dòmhnall MacDhòmhnall. Chuir e e fhèin air adhart mar nàdar de bhritheamh airson na sgìre agus nan robh cuideigin air a lorg ciontach airson droch ghnìomh sam bith, gheibheadh iad sgleog sa chluais bhon ghrèidhear, agus dà sgleoig nan robh iad air a a dhèanamh an dàrna turais.

Faclan

A’ chiad dreachd air aithris le Katie NicNeacail (Catrìona Mairead), an t-Òrd. Chaidh innse do Katie na h-òige le Coinneach MacSilidh no Coinneach MacLeòid.

(gan càineadh)

Luchd nan Còrr Fhiacal Storach ’s nan Sròin Fhada,
Dh’fhuirich sibh an sabhal Dhòmhnaill còrr is seachdain.
Rinn sibh miasdadh mar tha ann
Nach pàigh ur banca
’S ma thèid mise gur càineadh
B’ fheàrr dhuibh mo sheachnadh

(gan càineadh fhathast)
Luchd nan Casan Glasa ’s nan Fad Earbaill,
’S iomadh duine riamh a chreach sibh;
’S fad ur n’ iomradh.
Dh’fhàg sibh mo chuid sìol na chochal air a dhroch spiolagadh
Chan aithne dhomh nà thèid às air
Pac ur n’ iomrais.

(An Gealladh)
Ach, na falbh sibh às Leibh Fhèin,
A Bhaistein Bradach!
Bheirinn taigheadas dhuibh thall
An Allt a’ Leabhain,
’S nuair a thigeadh An Dùbhlachd
Tionndaibh dhachaigh
’S gheibh sibh Gearasdan Dhùn Sgàthaich
’S àite gasda e!

(Cnag na Cùise)
Ged bhiodh sibh air bheagan teine,
Chan fharaicheadh sibh idir fuachd,
Seòmraichean glan, tioram,
’San toir sibh ur breed an shuas
’S na biodh cùram oirbh ri geamhradh
Ged a bhiodh an geamhradh cruaidh
Gheibh sibh Maorach Sgeir a’ Chreamaidh
’S feòil MhicCruimein aig Iain Ruadh!

 

Agus an dàrna dreachd air aithris le Mòrag Dhunnchaidh, Tarscabhaig

Aoir nan Radan
Luchd nan drumanan glasa is nam fad earball
Nam fiaclan stòrach is nan srònan cocte.
Tha sibh a’ lodgeadh aig sabhal Dhòmhnaill
O chionn còrr is seachdain.
Chan eil mìon no ponar nach eil air a mhileadh is air a spòileadh.
Is chan ith mi greim le cuid nan trustar.

Ach ma dh’fhalbhas sibh bhuam a bheistean bhradach
Bheir mi taigheadas dhuibh thall an allt an leibhinn.
Nuair thig an Dùbhlachd tionndaidh dhachaigh
A dh’ionnsaidh gearastan Dhùn Sgathaich, àite gasta.

Seòmraichean glana tioram far an tugadh sibh ur bread a-nuas.
Nam biodh cùram oirbh mo lòn ged a bhiodh an geamhradh cruaidh
Sibh maorach Sgeir a’ Chriomaidh
‘S feòil an Each Criomain aig Iain Ruadh.

Tha sinn fada an comain ar luchd-maoineachaidh is ar luchd-taic:

© Sabhal Mòr Ostaig 2026