Ceòl is Òrain
An seo tha blasad den chòrr is 200 òran Slèiteach a tha am pròiseact air cruinneachadh gu ruige seo. Tha sinn gu mòr airson is gun tèid na h-òrain seo a sheinn a-rithist ann an Slèite fhèin agus nas fhaide air falbh. Tha sinn mar-thà, le taic phàrantan eile, air còisir na bun-sgoile a stèidheachadh às ùr leis an amas gun cuir a’ chlann eòlas air òrain na sgìre aca.
Tha stòras mòr de dh’òrain is ceòl Slèiteach ged a tha iad sgapte ann an iomadach tùs. Dh’fheuch Stòras Shlèite ris na b’ urrainn de cheòl à Slèite a chruinneachadh bhon dualchas agus bho thùsan eile. Chan eil an seo ach blasad de na chaidh cruinneachadh. Tha dòchas ann gun tèid an ceòl a chruinneachadh is a thoirt air adhart don ath ghinealach.