Òran Molaidh do Shlèite
Iain MacLeòid, Geamair an Torra Mhòir
Fiosrachadh
Faclan
Air fonn: O ’s tu ’s gura tu a th’ air m’ aire
Slèite dhubh-ghorm an dùthaich àlainn
Air a còmhdach le cleòca nàdair
Deise dhubh-ghorm an tùs a’ Mhàigh-mhìos
Gach eun sa choill ’s e seinn a ghràidh dhi
Gach eun san iarmailt ’s e a mhiann bhith tàmh
Ann an Slèite ghrianach mun iadh an sàile
Thig bradan tàrr-gheal do d’ lochan àlainn
’S an lachan chuain togail suas a h-àil ort
Slèite dhubh-ghorm nam fiùran àlainn
Nam maighdeann uasal as stuama cànain
’S gillean còmhdach na cànach mòintich
Bu bhinne ceòl leam na smeòrach fàsaich
B’ i Slèite dhubh-ghorm an dùthaich fhialaidh
Gheibhte fiadh innte anns gach gleannan
Gheibhte minnseach, cearc-fhraoich is bradan
’S an dòbhran-donn tighinn air tonn sa chladach
Bheir sòlas uasal do bhuadhan m’ inntinn
Bhith dìreadh suas ri do chruachan rìomhach
A’ ghrian ag èirigh air sliosan Shlèite
Is an uiseag cheutach a’ seinn cho binn dhut
Slèite dhubh-ghorm thug mi gràdh dhut
Thar gach dùthaich mo rùn gu bràth ort
Aig deireadh ùine is crìoch mo làithean
Gum b’ e mo dhùrachd nad ùir bhith a’ cnàmh ann