Calum MacAonghais (1871-1951), An Druim Fheàrna
Rugadh Calum MacAonghais anns an Druim Fheàrna ann an 1871. Choisinn e ceuman bho Oilthigh Dhùn Èideann mus do thòisich e a’ teagasg ann an Sgoil Phort Rìgh. Chaidh e an uair sin a dh’Afraga a Deas far an robh e a’ fuireach eadar 1907 agus 1926.
Bha Calum Mòr MacAonghais aithnichte airson a chuid neirt, a liut air an raon iomain agus eòlas ciùil a nochd na chuid fhoillseachaidhean. Bha a thogail ann an Slèite agus na chuala e san taigh-chèilidh na òige nam bunait den cheòl aige fhèin.
“In his youth as a shinty player few could match him – and he somehow managed to get all he ever put into this game into his many other activities. His piping was strong and stirring; his laugh infectious; his worship of Highland song, music and verse almost ecstatic …an enormous Highlander in every sense of the word – full of learning; full of fun – but gentle and reverent in his approach to what he considered to be true art.”
[à History of the Gaelic Society of Inverness le Mairi A MacDonald TGSI Vol XLVI 1969-70 PP1-21]
Nuair a thill Calum a dh’Alba an dèidh faisg air 30 bliadhna, chaidh e an tòiseach a dh’fhuireach san Druim Fheàrna mus do ghabh e tac Ostaig air mhàl sa bhliadhna 1929. Chuir e na bliadhnachan mu dheireadh de bheatha seachad ann an Inbhir Nis.
Bha e gu mòr an sàs ann an gnothaichean Gàidhlig agus bha ùidh mhòr aige cuideachd ann am pìobaireachd agus iomain. Bha e air leth sgileil air ceòl agus ’s e rinn an no operetta Gàidhlig, ‘Iseabail na h-Àirigh’ anns a bheil 33 òrain. Sgrìobh e dealbhan-cluiche mar ‘Suirghe Ruaraidh’ agus tha sealladh ri fhaighinn air beagan den obair eile aige anns an dà leabhar: Songs of the Isle of Skye, Gaelic and English (A. MacLaren Glaschu, 1931) agus Traditional Airs of Skye and the West (Bayley and Ferguson, Lunnainn 1942).
Dh’fhoillsich e cuideachd cruinneachadh de cheòl pìoba ‘120 Bagpipe Tunes, Gleanings and Styles’ ann an 1939 agus sgrìobh e cunntasan air tachartasan eachdraidheil mar Mhort Ghlinne Comhann, Bliadhna Theàrlaich agus a’ Bhanrigh Màiri Stiùbhart.
Ghabh e ùidh mhòr anns an leabhar Gaelic Proverbs aig Alasdair MacNeacail a nochd an toiseach ann an 1881 ach a bha air a dhol a-mach à clò mus do chaochail MacNeacail fhèin. An dèidh an Dara Cogaidh, thòisich MacAonghais air clàr-amais a dheasachadh air cruinneachadh MhicNeacail a dhèanadh e na b’ fhasa seanfhacal air cuspair sònraichte a lorg ann. Chuir e air dòigh gun tigeadh an leabhar, leis an leasachadh seo, a-mach às ùr. Thachair seo ann an 1951, goirid an dèidh do MhacAonghais fhèin bàsachadh.