Dòmhnall Iseabail (1887-1982)
B’ e Dòmhnall MacNeacail, no Dòmhnall Iseabail, mar a b’ fheàrr a dh’aithnicheadh e, mac Dhòmhnaill Ruaidh Aonghais MhicNeacail (1848-1890) à Duisdeil Mhòr agus Iseabail nighean Iain ‘ic Iain MhicMhathain (1859-1931) à Caol Reatha. Bha athair, Dòmhnall Ruadh, na iasgair agus chaochail e gu h-obann nuair nach robh e ach 41 bliadhna a dh’aois, goirid an dèidh dha a’ chroit aig 9 Camas Chros a ghabhail thairis bho bhàrd Slèiteach ainmeil eile, Iain Mòr Buachaille.
Chaidh Dòmhnall a thogail le a mhàthair Iseabail agus ‘s e sin as adhbhar gun abairte Dòmhnall Iseabail ris. Bha Dòmhnall ag obair thall thairis cuid mhath dhe a bheatha mar mharaiche agus mar shaighdear ann an arm Astràilia.
Thill e a Chamas Chros agus phòs e Peigi Robasdan (Peigi nighean Alasdair Dhòmhnaill) à Caol Reatha ann an 1942 nuair a bha Dòmhnall 54 bliadhna a dh’aois.
Bhiodh gnothaichean croitearachd agus naidheachdan an latha a’ nochdadh gu tric ann am bàrdachd Dhòmhnaill, eadar droch shìde an fhoghair agus siubhal chun na gealaich. Chuir e eòlas air caraid ùr, an t-uachdaran ùr Iain Noble anns na 1970an an dèidh do dh’Iain an oighreachd a cheannachd. Cha robh e coltach ri uachdaran sam bith eile – b’ e seo fear a bha a’ cur suim is meas air na Gàidheil air Gàidhlig an àite agus air bàrdachd Dhòmhnaill. Bha seo cuideachd a’ brosnachadh Dhòmhnaill agus Ghàidheal eile ann an Slèite gus moit a chur anns an dualchas aca. Sgrìobh Dòmhnall iomadach loidhne a’ moladh Iain Noble fhèin agus mar a bha e a’ leasachadh àite a bha, gu h-ìre mhòr, a’ bàsachadh.
Chaidh Dòmhnall a chlàradh iomadach uair thairis air na bliadhnachan le Sgoil Eòlais na h-Alba agus leis a’ BhBC. Tha na clàraidhean rin cluinntinn air Tobar an Dualchais an seo.