Òran an Uisge-beatha
Dòmhnall MacFhionghain
Fiosrachadh
Chaidh an t-òran seo a dhèanamh nuair a bha uisge-beatha air a raiseanadh aig àm an Dàrna Cogaidh agus bha Dòmhnall an urra ris an deoch làidir aig Taigh-òsta Eilean Iarmain. B’ e ‘Eairdsidh’ Eairdsidh Caimbeul am post a bha a’ fuireach aig 39 Camas Croise. B’ e Alasdair MacAonghais (Alasdair Mòr Alasdair Bhàin) à Duisdeil Mòr” Am Polasman Mòr”.
Faclan
O ’s e mise, hé ’s e mise
O ’s e mise, fhuair an tàire
Fhuair mi tàir’ aig a’ Bhliadhn’ Ùir seo
Cumail sùgh ri daoine pàiteach.
Bha mi duilich airson Eairdsidh
E gus lùbadh fon a’ mhàileid
Leis a bh’ ann de phostal orders
Dhèanadh iad ’n taigh-òsta thràghadh.
Thàinig bodaich às gach baile
Cuid a shaoil leibh nach robh làthair
Bha gach fear dhiubh ’g iarraidh botul
Mun do stad iad air Dimàirt dheth.
Thàinig fòns às an Àth Leathann
Thàinig barrachd is a dhà dhiubh
’S ann a thuirt fear dhiubh rium “A Dhòmhnaill,
Feuch an toir thu dhomhsa dhà dhiubh.”
Muinntir Tharscabhaig ag èigheachd
Nach eil cho feumach as an àite
Gu bheil ann de dhaoine bochda
Dhan dh’iarr an dotair sùgh a’ bharley.
Fir Shàsaig agus Fearann Dòmhnaill
Nuair a chruinnich iad ri chèile
Bha gach fear ag iarraidh botail
’S deoch a ghabhadh iad sa bhàr dheth.
Nuair chruinnich Duisdeil ri chèile
Cha robh iad na b’ fheàrr na càch
Am Polasman Mòr ’s e cho fiadhaich
Bho nach fhaigheadh e na dh’iarr e.
Ach an Camas Chros is Eilean Iarmain
Tha daoine rianail ciallach bàidheil
Cha d’ iarr gach aon dhiubh ach trì botail
Dhèanadh dhaibh a-nochd ’s a-màireach