Skip to content
Menu

Òran Taigh-òsta Eilean Iarmain

Ùghdar
Dòmhnall Iseabail MacNeacail
Fiosrachadh

Tha an t-òran le Dòmhnall Iseabail a’ moladh nan atharrachaidhean a th’ air tachairt aig Taigh-òsta Eilean Iarmain bhon a cheannaich Iain Noble e goirid ron a sin. Tha Dòmhnall ri chluinntinn a’ gabhail an òrain air Tobar an Dualchais an seo.

Faclan

’S mòr a tha mi smaoineachadh
’S mi togail orm gu h-aotrom
Falbhaidh mi le sunnd gun taigh-òsta;
Ged bhiodh uisge ’s sian ann
Gun tèid mi dh’Eilean Iarmain
Gheibh mi gu mo mhiann agus òl ann.

Nuair ruigeas mise ’m bàr ud
Gu faigh mi mìle fàilte
Feadhainn às gach àit’ agus ceàrna;
Maighdeannan as àille
Aotrom air an sàilean
Cluinnear iad ri gàir’ agus òrain.

Atharraichean ùra
Staigh ’s a h-uile cùil dheth
Tha sealladh fo ar sùilean tha àlainn;
Ma roghnaicheas tu biadh ann
Gu faigh thu e ri iarraidh
Le nìghneagan tha fialaidh is càirdeil.

Tha margaid mhòr Roinn Eòrpa
Toir pailteas mòr de dh’òl dhuinn
Deoch dhen h-uile seòrsa ga stòradh;
A’ chuid as fheàrr dhen fhìona
Ga chur gu Eilean Iarmain
Toirt beothachadh dhan aois ’s dhan an òige.

Bidh naidheachdan gan innse
Pàirt dheth bhios na fhìrinn
Tha sin toir dhuinn toil-inntinn is gàire;
Ach moladh e ar cliù
Gu bràth cha bhi sinn diùmbach
Cha chuir sinn idir ùidh ann an càineadh.

Tha ’n oifis bheag aig Iain
’S i dìreach air mo bheulaibh
Thèid mi nunn le sunnd a chur fàilt’ air;
Ma gheibh mi mar is dualach
Bidh agam làn na cuaiche
Cha chuir e sgillinn ruadh às mo phòcainn.

Nuair dh’fhàgas mise ’m bàr ud
Tigh’nn dhachaidh chun an fhàrdaich
Bidh neart a’ tighinn nam chnàmhan toirt treòir dhomh;
Mo cheum a bhios cho uallach
Ga chumail suas le duanag
Chan fhaicear idir gruaimean air Dòmhnall.

Tha sinn fada an comain ar luchd-maoineachaidh is ar luchd-taic:

© Sabhal Mòr Ostaig 2026