Skip to content
Menu

Tha Mi Fo Chùram

Ùghdar
Peigi NicAonghais
Fiosrachadh

Cluinnear Dai Beag à Caileagaraidh a’ gabhail Tha Mi Fo Chùram an seo.

Tha co-dhiù trì dreachdan eadar-dhealaichte den òran seo agus fad iomadach bliadhna bha ceist ann a thaobh cò sgrìobh e. Tha e coltach gur i Peigi NicAonghais a rugadh san Àird agus agus a bha a’ fuireach na seann aois sa Chill Bhig a rinn an t-òran is i ann an gaol na h-òige le Tormod MacNeacail de Chloinn ‘ic Neacail Sgoire Breac. Bha e an dàn dhaibh gum biodh iad a’ dealachadh agus Tormod a’ buntainn do dh’uaislean an Eilein agus Peigi à teaghlach de chroitearan à Slèite. B’ fheudar do Thormod teicheadh a-nunn thairis far an do chaochail e. Chaochail Peigi na seann aois anns na taighean san àite ris an canar Exhibition eadar Sabhal Mòr Ostaig agus Bun-sgoil Shlèite.

Faclan

’S tha mi o chùram o mhòran cùraim
Tha mi o chùram ì ò hò èile
Tha mi o chùram ì ò hò eile

Nam faighinn airgead a bheireadh air falbh mi
Gu leanainn Tormod ’s cha dhealaichinn ceum ris
Tha mi o chùram hì-iù-o èile.

Nam faighinn aodach gus snàmhainn an caolas
Gun leanainn a ghaoil thu gach taobh don tèid thu
Tha mi o chùram hì-iù-o èile.

Tha mi o sprochd dheth an seòmar glaiste
Is chan fhaigh mi sgrìobhadh a dh’ionnsaigh m’ eudail
Tha mi o chùram hì-iù-o èile.

Tha sinn fada an comain ar luchd-maoineachaidh is ar luchd-taic:

© Sabhal Mòr Ostaig 2026