Taing
Bu thoil leinn taing mhòr a thoirt dhan a h-uile duine a thug taic is cuideachadh dhan phròiseact aig diofar ìrean den chiad bhliadhna agus gu h-àraid do na daoine a leanas. Cha bhiodh am pròiseact air soirbheachadh mura b’ e an taic sin.
A h-uile duine aig Sabhal Mòr Ostaig a th’ air taic a thoirt dhuinn, gu h-àraid Ruairidh Greumach, a rinn cuid mhòr de na h-agallamhan ùra agus thug seachad taic is beachdan air leth air leasachadh a’ phròiseict; sgioba an Leabharlainn; Eairdsidh MacillEathain is Marsaili NicLeòid; Sgioba IT na Colaiste; Sgioba Margaideachd an t-Sabhail agus taing shònraichte dha Steve MacCoinnich airson leabhran a’ phròiseict a dhealbhadh; Tracy Broadley le taic a thaobh GDPR is cheadan.
A h-uile duine a thug seachad an cuid ùine airson agallamhan a dhèanamh còmhla rinn agus na teaghlaichean a th’ air cead a thoirt dhuinn agallamhan bhon tasglann a chleachdadh.
A h-uile duine sa choimhearsnachd a thug dealbhan dhuinn gu h-àraid: Mary Ivy NicDhòmhnaill, Norma Nic a’ Phearsain, Graeme MacCoinnich, Niall MacDhòmhnaill, Bill McLellan, Heather Clyne, Alasdair MacAoidh, teaghlach Mhicdhòmhnaill (Fearann Dòmhnaill), teaghlach Culbertson (Fearann Dòmhnaill).
Jo NicDhòmhnaill airson brosnachadh is taic le obair cruinneachaidh nan òran. Mairead Dhòmhnallach. Nicola NicThòmais. Raghnall MacilleDhuibh. Shona NicCarmaig. Raghnaid Sandilands. Iain MacFhionghain. Eileen NicDhòmhnaill.
Hector MacKenzie, nach maireann. ’S e Hector a stèidhich am pròiseact beul-aithris sna 1980an anns an deach Sgitheanaich à ceann a deas an Eilein a chlàradh. Tha cuid de na clàraidhean a’ nochdadh air an làraich seo.
Andreas Wolff a rinn pròiseact beul-aithris ann an Slèite anns na 2000an. Tha cuid de na clàraidhean a rinn Andreas a’ nochdadh air an làraich seo.
Sgoilearan is luchd-obrach Bun-sgoil Shlèite, gu h-àraid Coinneach MacNeacail agus Lorraine NicFhionghain. Jasmine Threlfall agus Alison McGillivray a thug còisir na sgoile agus na h-òrain beò às ùr
Chris Mitchell aig Lumberjack Digital airson an làrach-lìn a thoirt gu buil.
Stephen Kellow, Bòrd na Gàidhlig.
Flòraidh Forrest, Cailean Gòrdan aig Tobar an Dualchais
Mairead Màiri Mhoireach, Màiri NicRisnidh agus Calum MacFhionghain aig BBC Alba.
Katherine Mockett airson an stòras mòr prìseil aice de chlàraidhean eachdraidheil a cho-roinn leinn.
Maggie MacDonald, Domhnall Uilleam Stiùbhart aig Comann Eachdraidh Shlèite
Co-obraichean aig Leabharlann Nàiseanta na h-Alba, nam measg: Andrew McDougall, Alice Heywood agus Christopher Fleet.
Tha sinn fada nur comain.