Caileagaraidh
Mìneachadh – Meaning: Kali (ainm pearsanta) + gerði (buaile, àite ionaltraidh) – Kali (personal name) + fold, grazing place
Tha fichead lot ann an Caileagaraidh. Bha dà phàirt de Chaileagaraidh ann aig aon àm, is iad Caileagaraidh Mòr is Caileagaraidh Beag. Chaidh cuid de Chaileagaraidh Beag a chur ri tac an Torra Mhòir agus chaidh cuid de thac Allt a Tuath a chur ri Caileagaraidh.
Calligarry was divided into twenty lots or crofts. There were originally two parts, Calligarry Mor and Calligarry Beag. Part of Calligarry Beag was added to the tack of Tormore and part of Allt a Tuath farm was added to Calligarry.
