Duisdeil
Bha Duisdeil air a roinn mar Dhuisdeil Bheag is Duisdeil Mhòr. Tha 8 lotaichean ann an Duisdeil Bheag agus b’ i am baile mu dheireadh ann an Slèite a chaidh a chur a-mach na lotaichean. Aig aon àm bha Duisdeil Bheag a’ dol còmhla ri Mùrsaig anns an aon tac agus an uair sin an lùib tuathanas a’ Chnuic. Chaidh Duisdeil Mhòr a roinn ann an 8 croitean ach chaidh 4 dhiubh sin fhuadachadh ann an 1867 nuair a bha fearann a dhìth airson Taigh Dhuisdeil a thogail. ‘S ann an Dùisdeil a bha an sgoil airson a’ cheàrnaidh seo de Shlèite an dèidh Achd an Fhoghlaim anns na 1870an. Chaidh Eaglais Chaluim Chille (Talla Dhuisdeil a-nis) a thogail ann an 1901.
Duisdale was traditionally divided into Duisdale Bheag and Duisdale Mhòr. There are 8 crofts in Duisdale Bheag and it was the last township in Sleat to be divided into crofts. Duisdale Mhòr was divided into 8 crofts but 4 of those were cleared to make way for Duisdale House in 1867. The local primary school was located in Duisdale from the 1870s after the Education Act. St. Columba’s Church (now Talla Dhuisdeil) was built in 1901.
Clàraidhean - Recordings
Òrain - Songs
Dealbhan - Images
- Le cead Graeme MacKenzie
- Le cead Greg MhicThòmais
- Le cead Graeme MacKenzie
- Le cead Mary MacDonald



