A’ Chill Mhòr is a’ Chill Bheag
‘S e eaglais no cealla manaich as ciall don fhacal ‘cill’. ‘S e àite beannaichte a bha seo gu math tràth ann an eachdraidh na sgìre. Tha Sgeir Chaluim Chille ri fhaicinn an cois a’ chladaich agus bha an eaglais is a’ pharaiste air an coisrigeadh dha Moire màthair Ìosa. ‘S ann sa Chill Mhòir a bha sgoil na paraiste san 19mh linn is bha taigh-seinns’ ann cuideachd. Chaidh a’ phàirt de thac na Cille Mòire nach do chùm am ministear a roinn ann an 6 lotaichean. Chaidh a’ Chill Bheag a roinn na croitean ann an 1811 ach chaidh a fuadachadh ann am meadhan an 19mh linn.
‘Cill’ usually denotes an early Christian church site or monk’s cell. This was a holy site very early in the the history of the area. Sgeir Chalum Chille, named for St, Columba, can be seen on the shore here and the church and parish of Sleat were dedicated to the Virgin Mary. The part of the tack of Kilmore that the minister did not keep for his own use was split into 6 crofts. Kilbeg was divided into crofts in 1811 but was cleared in the middle of the 19th century.
Clàraidhean
Òrain
Dealbhan
- Le cead Alasdair MhicAoidh
- Le cead Tasglann an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse.
- Le cead Paraiste an t-Sratha is Shlèite
- Le cead Paraiste an t-Sratha is Shlèite



