Tòcabhaig
Mìneachadh: Tha e follaiseach gur ann on fhacal Lochlannach vik, a tha a’ ciallachadh ‘bàgh’, a tha an dàrna pàirt den ainm. Chan eil fhios le cinnt dè as ciall don chiad phàirt ach ‘s ma dh’fhaodte gur ann à facal a tha a’ ciallachadh ‘at’ no ‘atmhor’ a tha e.
The second element of the name Tarskavaig clearly comes from the Old Norse vik, which means ‘bay’. It is unsure what the first element means, with some suggesting that it comes from a word meaning ‘swelling’.
Tha seachd lotaichean ann an Tòcabhaig. Mus deachaidh na croitean a roinn, bha cuid mhòr de na daoine a’ fuireach ann an Inbhir Aulabhaig. Anns an 19mh linn bha aig aon àm 77 daoine a’ fuireach ann an Tòcabhaig. B’ e Dòmhnallaich a bh’ anns a’ mhòr-chuid de na daoine sin ach bha teaghlaichean MhicFhionghana, MhicLeòid, MhicillEathain, Mhic a’ phearsain, MhicLeòir, MhicLabhrainn is MhicCoinnich ann cuideachd. Bha clach neirt faisg air an robh an t-ainm ‘Clach h-obair’.
There are seven crofts in Tokavaig. Before it was divided into crofts, most of the people living here were situated at Inveraulavaig. In the 19th century, there were 77 people living in Tokavaig. Most of the people were MacDonalds but there were also MacKinnons, MacLeods, MacLeans, MacPhersons, MacLures, MacLarens and MacKenzies. There was a lifting stone nearby called ‘Clach h-Obair’ – ‘the work stone’.
Òrain - Songs
Dealbhan - Images
- Le cead Alasdair Mhicaoidh
- Le cead Alasdair Mhicaoidh
- Le cead Alasdair Mhicaoidh


