Skip to content
Menu

Mu dhèidhinn Stòras Shlèite

‘S e pròiseact dualchais a th’ ann an Stòras Shlèite a tha a’ cruinneachadh agus a’ taisbeanadh dualchas beartach na Gàidhlig ann an Slèite. Tha am pròiseact air a stiùireadh le Leabharlann an t-Sabhail Mhoir agus air taic fhaighinn bho Bhòrd na Gàidhlig agus Sabhal Mòr Ostaig.

Picture of Greg and recording equipment
Prìomh amasan a’ phròiseict
  1. Gun tèid nithean ann an tasglann an t-Sabhail co-cheangailte ri Gàidhlig Shlèite a chruinneachadh – ceòl, orain, beul-aithris, litreachas, agallamhan, dualchainnt, ainmean-àite is eile – is a cho-roinn le muinntir Shlèite.
  2. Gun tèid fiosrachadh co-cheangailte ri Gàidhlig Shlèite o thaobh a-muigh na Colaiste a chruinneachadh – òrain, sgeulachdan, litrichean, dealbhan is eile.
  3. Gun dèan sinn agallamhan ùra anns an sgìre le muinntir Shlèite.
  4. Gun tèid làrach-lìn a chruthachadh don choimhearsnachd.
  5. Gun tèid goireasan foghlaim a dhèanamh gus an cuir clann na sgìre tuilleadh eòlais air dualchainnt Shlèite is air a bheartas ann an dualchas an àite.

Bha sinn gu mòr airson is gu bheil muinntir Shlèite an sàs bhon toiseach agus gun teid againn air goireas luachmhor a thoirt air ais don choimhearsnachd.

A photograph of a man and woman cutting peat

Tha sinn fada an comain ar luchd-maoineachaidh is ar luchd-taic:

© Sabhal Mòr Ostaig 2026